• 1

Bun-reachd Bardail do dh'Alba

Updated: Nov 11, 2020


Tha ceithir nàiseanan Bhreatainn a’ dol tro atharrachaidhean tulchuiseach aig an àm seo. Tha aontachd, gnìomh catharra, agus cudromachd a bhith a’ toirt cùram do chàch a chèile, a’ nochdadh gu làitheil ann an còmhradh poilitigeach na h-Alba.




Tha Èirinn uair eile ag ath-thogail cheistean a thaobh dearbh-aithne agus buntainneas fhad ’s a tha seasamhan iomsgarach gan toirt fa-near ann an Sasann agus sa

Chuimrigh aig an aon àm. Air an nochdadh ann an còmhradh poilitigeach oifigeil agus eadar-obrachadh daonna neo-fhoirmeil, tha na leasachaidhean sin a’ comharrachadh tùs-aimsir ùr san àm ri teachd don Rìoghachd Aonaichte. Tha am “Bun-reachd Bàrdail” ag amas air dèiligeadh ri mì-thoileachas catharra tro ealain agus teacsa le cuideam sònraichte air buidhnean air an iomall agus gun chumhachd, a tha a’ sìor choimhead aindeònach a dhol an sàs ann an deasbad poileasaidh agus ann an gnìomh poilitigeach

Fo urrasachd Duais Maoineachaidh an t-Seansalair aig Oilthigh Ghlaschu, Comhairle Rannsachaidh nan Ealan is nan Daonnachdan agus Acadamaidh Bhreatainn, tha sinn a’ toirt cuireadh dhuibh com-pàirteachadh ann am Bun-reachd do dh’Alba a dhreachadh ann an cruth bàrdail agus ath-bheachdachadh air deamocrasaidh. Tha am “Bun-reachd Bàrdail” ag amas air dèiligeadh ri mì-thoileachas catharra tro ealain agus teacsa le cuideam sònraichte air buidhnean air an iomall agus gun chumhachd, a tha a’ sìor choimhead aindeònach a dhol an sàs ann an deasbad poileasaidh agus ann an gnìomh poilitigeach. Is e lèirsinn a’ phròiseict, frèam-obrach àrd-amasail a chruthachadh airson a bhith a’ meòrachadh gu fosgailte agus gu h-eug-samhlach seachad air neo-ghnìomhachd mì-riarachais, agus contra-mholadh tro ghnìomhadh a cho-chur ann an cruth bun-reachd bàrdail. Cuiribh ur freagairtean gu:


5 views0 comments

Recent Posts

See All